
Is e pròiseact ùr togarrach de na h-ealain lèirsinneach a tha ann an Air Iomlaid, a’ ceangal chloinne anns an t- Eilean Sgìtheanach agus Dùn Èideann, agus ag amas air iomlaid de bheachdan agus mhodhan-obrach, agus a’ sgrùdadh cultar is cànan ann an sgoiltean air feadh na h-Alba. Is e pròiseact ealan fad 18 mìosan a tha ann an Air Iomlaid, air a leasachadh le The Fruitmarket Gallery, neach-ealain Julie Brook agus Lasair Ealain, comataidh de sgoilearan bho Bhun-sgoil Shlèite, bun-sgoil Ghàidhlig anns an Eilean Sgìtheanach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Air Iomlaid, tadhal air ar Air Iomlaid blog
Bidh fòcas a’ phròiseact air sgoilearan bho dà sgoil, gach cuid ag obair tro mheadhan na Gàidhlig, ach le àrainneachd cùl-fhiosrachaidh gu math eadar-dhealaichte, a thoirt an sàs sa phròiseact. Tha Bun-sgoil Shlèite air ceann-tìre dùthchail Shlèite san Eilean Sgìtheanach agus an sin tha teagasg gu tur anns a’ Ghàidhlig ach a-mhàin Roinn bheag tro mheadhan na Beurla, ach tha Bun-sgoil Chrois na Cìse ann am baile Dhùn Èideann le Aonad Gàidhlig taobh a-staigh sgoil Bheurla. Tha fiosrachadh-beatha gu math eadar-dhealaichte aig a’ chlann sin a thaobh àrainneachd, cànan, agus cultar, agus bidh cothrom aca beachdachadh air an seo tro iomlaid. Fuirichidh a’ chlann aon chuid còmhla ri teaghlach aoigheachd airson seachdain no ann an òsdail, a’ dol an sàs ann an gnìomhachd ealain còmhla agus a’ bruidhinn mu eòlas a chèile air mar a tha iad agus far a bheil iad a’ fuireach.
Gabhaidh na sgoilearan pàirt ann am prògram teann a bheir a-steach dealbhadh agus peantadh a-muigh an cois luchd-ealain proifeasanta, a’ sgrùdadh an sealladh-tìre agus an àrainneachd ionadail aca, ag ionnsachadh mu eachdraidh nàdurrach na sgìre agus a’ leudachadh a’ bhriathrachais Gàidhlig aca. Thèid obair ealain agus beothantachd a leasachadh ann an co-bhonn ris an luchd-ealain airson an taisbeanadh aig The Fruitmarket Gallery agus aig Sabhal Mòr Ostaig, colaiste Gàidhlig foghlam adhartach na h-Alba anns an Eilean Sgìtheanach. Bidh sgoilearan bho gach sgoil ag obair còmhla thar an astar cruinn-eòlais a’ cleachdadh teicneòlasan ùra gus na dealbhan agus na fiosrachaidhean-beatha aca a roinneadh, ro bhith a’ tadhal air a chèile tron sgeama iomlaid. Thèid an teicneòlas ùr a chleachdadh cuideachd gus a bhith a’ toirt sgoilearan eile air feadh na h-Alba an sàs, gus am brosnachadh gu bhith a stèidheachadh na comataidhean ealain aca fhèin agus gus phròiseactan ealain a chur air chois, gus eòlas fhaighinn air dualchas nàdur na h-Alba agus cànan is cultar na Gàidhlig.
Aig na taisbeanaidhean ann an Dùn Èideann agus san Eilean Sgìtheanach bidh raon de bhùthan-obrach, òraidean agus thachartasan ann ag amas air barrachd dhaoine a thàladh gu bhith a’ sgrùdadh agus a’ dealbhadh an àrainneachd aca. Thèid an obair le Bun-sgoil Chrois na Cìse agus Bun-sgoil Shlèite a lìbhrigeadh sa Ghàidhlig agus thèid na goireasan ionnsachaidh air-loidhne an taisbeanadh anns gach cuid Gàidhlig agus Beurla. Bheir a’ phròiseact a-steach 11 luchd-ealain, 670 sgoilear agus cleachdar goireasan ionnsachaidh air-loidhne, a dh’fhaodar a bhith rim faighinn le 12,500 sgoilear air feadh na h-Alba. Is e amasan a’ phròiseact a bhith.
- A’ leasachadh anns a’ chlann a tha an sàs ùidh dhomhainn agus fhad-bheatha agus ceangal le ealain lèirsinneach co-aimsireil agus cànan/cultar na Gàidhlig.
- A’ toirt cothrom do sgoiltean air feadh na h-Alba a bhith an sàs le ealain lèirsinneach co-aimsireil agus cànan/cultar na Gàidhlig.
- A’ solarachadh chothroman ruigsinneachd dha barrachd dhaoine a thaobh gach cuid ealain lèirsinneach co-aimsireil agus cànan/cultar na Gàidhlig. Tha a’ phròiseact air tabhartas fhaighinn bho Ionmhas Brosnachaidh Comhairle Ealain na h- Alba agus taic airgid a bharrachd bho Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) agus Bòrd na Gàidhlig.





